Cleachdadh Ceangal Gàidhlig air Clis-fòn 

Tha Ceangal Gàidhlig ag obrachadh cuideachd air an fhòn agad!  Faodaidh tu an làrach a shàbhaladh gu sgrìn dachaigh an fhòn-chlis agad. Tha seo a’ cruthachadh ìomhaigh air an sgrìn dachaigh agad a tha a’ ceangal ris an làraich, gus am faod thu faighinn a-steach don làraich nuair a bhios tu a-muigh ’s mun cuairt. Tha na stiùiridhean a leanas a’ toirt iomradh air an dòigh air seo a dhèanamh a’ cleachdadh Chrome airson Android agus Safari airson iFòn.  

Ma tha thu a’ cleachdadh Android: 

  1. Fosgail Chrome (no am brobhsair as fheàrr leat)     
  2. Theirig gu Ceangal Gàidhlig (gaelicconnect.org)
  3. Put ìomhaigh a’ chlàir-iùil (gu h-àbhaisteach trì dotagan san oisean dheas gu h-àrd)  
  4. Bhon chlàr-iùil, taghCuir Ris an Sgrìn Dachaigh 
  5. Ma dh’iarrar, tagh ainm airson an aithghearra  
  6. PutCuir Ris 

Ma tha thu a’ cleachdadh iFòn: 

  1. Fosgail brobhsair Safari  
  2. Theirig gu Ceangal Gàidhlig (gaelicconnect.org)
  3. Put air ìomhaighRoinn (ceàrnagach le saighead)  
  4. Sgrolaig sìos agus put Cuir Ri Sgrìn Dachaigh
  5. Tagh ainm don aithghearra   
  6. PutCuir Ris 

Tuilleadh fiosrachaidh 

Faodaidh tu an-còmhnaidh tilleadh air ais gu an duilleag fiosrachaidh seo gus do chuimhne ùrachadh le cliogadh air an ìomhaigh leabhair san oisean dheas gu h-ìosal air sgrìn a’ mhapa. Biodh spòrs agad a’ cleachdadh Ceangal Gàidhlig!