BidhOilthighGhlaschuaithnichte mar am ‘SmachdairDàta’ air an dàtaphearsantaagada bhios air a ghiollachd a thaobh an tagraidh gu CeangalGàidhlig. Mìnichidh am fiosprìobhaideachdseo mar a bhiosOilthighGhlàschu a’ dèiligeadhri do dhàtapearsanta.
An t-adhbhar a tha feum againn air
Thasinn a’ tional do dhàtapearsantabunaiteachleithidainm, seòladhpuist-d / fiosconaltraidh, raonaoiseis comasachd ann an Gàidhlig, dàtamunàitelàithreachagadagusdo fhrithealadhair tachartasan,guslorg a chumail air com-pàirtluchd-èisteachdagusùidhanns an app seo, a thuilleadh air nadh’fhaodasseo a cho-chùnadhmu chleachdadhnaGàidhlig. Cha chleachdsinn an dàtaagadairsonadhbharanmargaideachd mura h-iarrsinnceadfollaiseachbhuat.
Bunait laghail air giollachd dàta
Feumaidh bunait laghail a bhith againn airson dàta pearsanta uile a làimhseachadh. San t-suidheachadh seo, is e a’ bhunait laghail:
Cead – Feumaidh tu tiog a chur sa bhogsa cead anns an fhiosrachadh pròifil / duilleag clàraidh a-steach agad, gus logadh a-steach agus an t-seirbheis seo a chleachdadh.
Feumaidh tu a bhith thairis air 16 bliadhna a dh’aois gus am prògram seo a chleachdadh.
Na tha sinn a’ dèanamh leis agus cò leis a tha sinn ga roinn
Tha an dàta pearsanta uile a chuireas tu a-steach air a ghiollachd le luchd-obrach aig Oilthigh Ghlaschu san Rìoghachd Aonaichte. A thuilleadh air sin,
Cha ghluais sinn dàta a-mach taobh a-muigh Roinn Eaconamach na h-Eòrpa (EEA). Ach, bu chòir do dhàta peasanta a tha air a roinn air làrach-lìn fhosgailte a bhith air a mheas mar a bhith roinnte air feadh an t-saoghail agus sin a bhith air ainmeachadh. Thoiribh an aire cuideachd, gu bheil frithealaichean aig mòran de sheirbheisean air-loidhne a tha stèidhichte taobh a-muigh an EEA, ach tha am frithealaiche don làraich-lìn seo ar aoigheachd san RA bho Digital Ocean.
Dè cho fada ’s a ghlèidheas sinn e
Bidh an dàtaagad air a ghlèidheadh leis an Oilthigh mas e neach-cleachdaidh a th’ annad air app eadar-lìnCeangalGàidhlig, agussuasri 6 mìosanàsdèidh sin. An dèidhna h-ùineseo, thèidandàta a dhubhadhàs gu tèarainte.
Dè na còraichean a th’ agad*
Faodaidh tu cothrom air an fhiosrachadh a tha sinn a’ làimhseachadh mud dheidhinn, iarraidh aig àm sam bith. Ma tha thu a’ creidsinn aig àm sam bith gu bheil am fiosrachadh a tha sinn a’ làimhseachadh mud dheinn mì-cheart, is urrainn dhut iarraidh am fiosrachadh seo fhaicinn agus ann an cuid de shuidheachaidhean iarraidh a chuibhreachadh, a cheartachadh no a dhubhadh às. Dh’fhaodadh gu bheil a’ chòir agad cur an aghaidh giollachd dàta agus còir air eadar-ghluasad dàta.
Ma tha thu airson aon sam bith de na còraichean sin a chur an gnìomh, cuir a-steach d’ iarrtas air an fhoirm eadar-lìn no cuir fios gu dp@gla.ac.uk.
*Thoir an aire gum bi cothrom air na còraichean sin a chur an gnìomh atharrachail agus a rèir na bunait laghail air a bheil giollachd ga choileanadh.
Gearanan
Ma tha thu airson gearan a thogail mun dòigh san do làimhsich sinn an dàta pearsanta agad, faodaidh tu fios a chur gu Oifigear Dìon Dàta an Oilthighe a nì sgrùdadh air a’ chùis.
Mura h-eil thu riaraichte leis an fhreagairt againn no a’ creidsinn nach eil sinn a’ giollachd do dhàta pearsanta ann an co-rèir ris an lagh, faodaidh tu gearan a dhèanamh gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh (ICO) https://ico.org.uk/