Dè th’ ann an Ceangal Gàidhlig?

Is e app eadar-lìn a th’ ann an Ceangal Gàidhlig, a tha a’ cleachdadh mhapaichean gus luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig na h-Alba ann an Glaschu, a chuideachadh le tachartasan agus àiteachan a lorg airson Gàidhlig a chleachdadh agus lìonraidhean coimhearsnachd a leasachadh.  

Chaidh an app a chur air bhonn mar fhreagairt do shuirbhidh a chuireadh an gnìomh ann an 2022, a lorg gu bheil feum aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Glaschu air barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh gu neo-fhoirmeil agus nas motha fiosrachaidh fhaotainn mu thachartasan Gàidhlig sa bhaile. Bidh an app seo a’ frithealadh mar mhòr-ionad dhidseatach far am faod muinntir Ghlaschu a’ Ghàidhlig a tha a’ dol mun cuairt orra a lèir-shamhlachadh agus inntrigeadh.  

San app, faodaidh tu am mapa a chleachdadh gus cruth-tìre Gàidhlig Ghlaschu a rannsachadh, faicinn far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh aig an dearbh àm seo, agus cothrom fhaotainn air fiosrachadh mu thachartasan Gàidhlig a tha gan cumail air feadh a’ bhaile.  

San app Ceangal Gàidhlig, is urrainn dhut bràistean fhosgladh mar as motha a chleachdas tu an app. Tha na bràistean a’ nochdadh nan ìrean coileanaidh as urrainn dhut a chosnadh. Faodaidh tu diofar bhràistean coileanaidh fhosgladh a rèir cho tric ’s a chleachdas tu an app, agus a rèir na h-ìre gu bheil thu a’ cleachdadh na Gàidhlig nad choimhearsnachd ann an Glaschu.  

Tòisich air do shlighe Ceangal Gàidhlig còmhla rinn!  

Mar a Chleachdar Ceangal Gàidhlig

Cruthachadh Cunntas 

A’ chiad uair a’ cleachdadh Ceangal Gàidhlig

Cliog air an ìomhaigh pearsa san oisean dheas gu h-àrd air sgrìn a’ mhapa airson Clàradh. Faodaidh tu d’ fhiosrachadh pearsanta agus d’ eòlas sa Ghàidhlig a chur a-steachagus faodaidh tu iad sin ùrachadh a-rithist ma dh’atharraicheas tu d’ inntinn

Sgrolaig sìos gu bonn na duilleige agus cliog air a’ phutan Clàraidh gus crìoch a chur air do chunntas a chruthachadh. Tha thu deiseil a-nis airson tòiseachadh air Ceangal Gàidhlig a chleachdadh!  

Logadh A-Steach 

An e neach-cleachdaidh a’ tilleadh a thannad? Cliog air an ìomhaigh pearsa san oisean dheas  gu h-àrd air sgrìn a’ mhapa gus logadh a-steach don chunntas agad

Cuir a-steach an seòladh puist-d agus facal-faire a chleachd thu gus an cunntas agad a chruthachadh, agus cliog air Clàir A-Steach. Tha e cho furasta ri sin! 

Chiad Cheuman profile

Atharrachadh Chànanan

Faodaidh tu Ceangal Gàidhlig a chleachdadh ann an Gàidhlig no Beurla

Dìreach cliog air a’ phutan san oisean dheas gu h-àrd air sgrìn a’ mhapa agus toglaich eadar cànanan.   

Brobhsadh Àiteachan  

Tha Ceangal Gàidhlig a’ taisbeanadh àiteachan ann an Glaschu far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh. Cliog air an ìomhaigh prìne gu h-ìosal clì air sgrìn a’ mhapa a dh’fhaicinn liosta de dh’àiteachan Gàidhlig ann an Glaschu. Faodaidh tu cuideachd cliogadh air na prìneachan uaine air sgrion a’ mhapa airson tuilleadh fiosrachaidh mu àite sònraichte. Le cliogadh air àite sa bheil ùidh agad, faodaidh tu ionnsachadh mun àite agus na beachdan a tha air fhàgail le luchd-cleachdaidh Ceangal Gàidhlig fhaicinn.  

Ma tha thu an sàs ann an eagrachadh air gin sam bith de na h-àiteachan air an liosta, faodaidh tu tagradh a dhèanamh airson a bhith nad àrd-chleachdair.  Tha seo a’ toirt dhut barrachd smachd thairis air tachartasan a tha a’ dol air adhart san àite agadsa.    

Mapa

Lorg Thachartasan 

Deiseil airson tòiseachadh a dhol gu tachartasan Gàidhlig? Cliog air an ìomhaigh mìosachain aig bonn sgrìn a’ mhapa gus liosta de thachartasan fhaicinn, no cliog air aon sam bith de na prìneachan tachartais dhearg a dh’fhaicinn tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas.   

Ma chunnaic thu tachartas sa bheil ùidh agad, faodaidh tu cridhe a chur air agus a chur ris na nithean as fheàrr leat, fàg beachd, no clàir a-steach a ràdh gum bi thu ga fhrithealadh.  Faodaidh tu cuireadh a thoirt do luchd-cleachdaidh eile air Ceangal Gàidhlig gus an coinnich thu ri caraidean agus caraidean ùra a dhèanamh! 

Calendar icon

Cruthachadh Tachartas 

Faodaidh tu Ceangal Gàidhlig de na tachartasan Gàidhlig agad fhèin a chruthachadh, bho chearcallan còmhraidh gu seiseanan gu clasaichean! Cliog air an ìomhaigh ‘+’ aig bonn na duilleige airson tachartas a chruthachadh.    

Thèid iarraidh ort tiotal, ceann-latha, agus àm an tachartais agad a chur ris. Faodaidh tu cuideachd tuairisgeul agus dealbh a chur ris, a thuilleadh air an t-seòrsa tachartais a bhios ann a thaghadh, aoisean agus ìrean Gàidhlig an luchd-frithealaidh agus am bi no nach bi an tachartas dà-chànanach no Gàidhlig a-mhàin.   

Faodaidh neach sam bith a’ cleachdadh Ceangal Gàidhlig an tachartas agad fhaicinn agus co-dhùnadh am bi iad a’ frithealadh, ach faodaidh tu cuideachd cuireadh a thoirt do dhaoine bhon lìonra agad fhèin gu an tachartas agad a fhrithealadh (faic ‘Cur Ris an Lìonra Agad’ gu h-ìosal).

Aon uair ’s gu bheil thu logte a-staigh don chunntas agad, dèan do shlighe gu an ìomhaigh Thachartasan agus tagh ‘Mo Thachartasan’.Bhon seo, faodaidh tu cliogadh air ‘Cuireadh Dom Lìonra’, agus tagh na daoine a bu mhath leat fhiathachadh. 

Cur Ris an Lìonra Agad 

Faodaidh tu Ceangal Gàidhlig a chleachdadh gus ceanglaichean ùra a chruthachadh le luchd-labhairt Gàidhlig eile ann an Glaschu! An dèidh logadh a-steach don chunntas agad, theirig gu tachartas sa bheil ùidh agad le cliogadh air an ìomhaigh thachartasan. Às an seo, faodaidh tu ainm an neach no buidheann a chruthaich an tachartas a lorg fo ‘Fiosrachadh mun Tachartas’. Nam bu mhath leat ceangal a dhèanamh leis an neach seo no leis a’ bhuidheann seo, cliog air an ainm agus tagh ‘Cuir Ris an Lìonra’.    

A dh’fhaicinn cò tha air an lìonra agad, cliog air bràiste a’ phròifil agad san oisean dheas gu h-àrd air sgrìn a’ mhapa, agus tagh ‘Pròifil’.  Às an seo, cliog air ‘Taisbean Lìonra’ agus chì thu liosta de luchd-cleachdaidh Ceangal Gàidhlig eile ris a bheil thu air ceangal a dhèanamh. Faodaidh tu cuireadh a thoirt do gach aon den luchd-cleachdaidh sin gu tachartas sam bith a tha thu a’ cruthachadh!   

Add to network button